sl26mi

May 1, 2007

Iosa Chrìosd – Wikipedia

Filed under: Uncategorized — Tags: — SL @ 11:01 am

Iosa Chrìosd – Wikipedia

Iosa Chrìosd
As a’Wikipedia
Jump to: navigation, search
Jesus
Jesus

R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 B.C.

Mac Dhe. Slanaighear. Mac an Duine.

‘Se Iosa an duine a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar “Iosa Crìosd” no direach “Crìosd”. Tha an t-ainm Iosa a tighean bhon ainm Eabhra (Hebrew) “Yeshua” a tha tighean bho “Yehovah-shua” a ciallachadh “Glèidhidh Dia.” Tha am facal Crìosd a tighean ‘on facal Greugais “Khristós” (Χριστός) a ciallachadh “an neach coisrigeach.” Tha am facal Eabhra “Moshiach”, no Mesiah ‘sa Ghàidhlig agus ‘sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

‘Sann anns an Tiomnadh Nuadh ‘sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Iosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eolach air a bheatha ‘sa bhitheadh sinn an dochas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Iosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a’ bhreith fhads a bha a mhathair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh’fhàs Iosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu choir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do cheile.

Bha gu leor ag radh gum b’urrainn dha mìorbhail a dheanamh mar uisge a thiondadh gu fion, slàinte a thoirt air fhais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air fhais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh’fhàs Iosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thiondaidh na sagairtean cùmhachdach Iùthach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Romanaich air A’ Chrois.
Air tarraing à “http://gd.wikipedia.org/wiki/Iosa_Chr%C3%ACosd”

Categories: Creideamh | Crìosdaidheachd

Advertisements

Leave a Comment »

No comments yet.

RSS feed for comments on this post. TrackBack URI

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: